Tha Ruairidh MacIlleathain a’ toirt sùil air maorach le dualchas mòr Gàidhealach.
Tha Ruairidh MacIlleathain a’ toirt sùil air maorach le dualchas mòr Gàidhealach.
Read in English / Leugh ann am Beurla
Cha bu chòir a bhith na iongnadh gu bheil am facal bàirneach a’ seasamh an dà chuid airson maorach a tha cumanta air cladaichean na h-Alba agus, corra uair, airson nan sgreagagan a bhios a’ nochdadh air na dearbh chladaichean. Tha sligean cruaidh orra le chèile agus bidh iad rin lorg ceangailte ri creagan, ged a bhios am maorach a’ gluasad barrachd na ʼn tè eile. Tha na sgoilearan a’ dèanamh dheth gun tàinig am facal bhon Bheurla Mheadhanaich bernekke, a thàinig o bernaca ann an Laideann nam Meadhan-Aoisean. Mas ann air gèadh, seach ainmhidh sligeach, a bha am facal Laidinn a’ dèanamh iomradh o shean, cuireamaid an gnothach sin an dàrna taobh an-diugh. Bheir sinn sùil air ann am bloga eile uair no uaireigin.
Bàirnich air creag. Tha iad còmhdaichte le sgreagagan agus lìonaraich. ©Lorne Gill/NàdarAlbaTha e cinnteach gun robh ar sinnsirean ag ithe bàirnich gu leòr oir tha facal sònraichte againn ann an Gàidhlig airson ‘bàirneach ròsta’ – sgorag. Ge-tà, cha robh an Sgitheanach Raibeart Alasdair Foirbeis ro mheasail orra. Ann an ‘Gaelic Names of Beasts etc’ (foillsichte ann an 1905), tha e a’ sgrìobhadh, ‘Tha biadh nas miosa ann na bàirnich … [ach chan e] biadh taghta a th’ ann.’ Tha mi a’ dol leis, feumaidh mi aideachadh! Chlàraich am faclairiche Eideard Dwelly am facal buarach airson stamag bàirnich cuideachd.
Ma tha sinn a’ moladh neart grèim cuideigin, bidh sinn ag ràdh gu bheil grèim na bàirnich aca. Ma dh’fhairicheas bàirneach gu bheil rudeigin a’ gluasad faisg oirre, bidh i a’ gabhail grèim làidir air a’ chreig agus tha e fìor dhoirbh a gluasad le neart na làimhe a-mhàin. Gu traidiseanta, bhiodh na Gàidheil a’ togail nam bàirneach le feall no le bhith a’ cleachdadh inneal air a bheil òrd-bàirneach (no òrd-bàirnich) a chuireadh an t-slige far na creige le aon bhuille. Bhite ag ràdh gum biodh bàirneach a bh’ air a togail fhad ʼs a bha i a’ gluasad na bu mhotha agus na b’ fheàrr na tè a bhiodh air a bualadh far na creige le òrd.
Anns an leabhar aige mu sheanfhaclan Gàidhlig, tha Alasdair MacNeacail a’ toirt dhuinn an fhir seo: B’ e sin cead iarraidh òrd a bhualadh air bàirnich – a’ bualadh air cead nach robh riatanach riamh. Tha e ga mhìneachadh mar seo: ‘Thathar a’ gabhail ri bàirnich, a th’ air an cleachdadh gu mòr mar bhaoit air a’ Ghàidhealtachd ʼs na h-Eileanan, mar bhiadh a tha saor agus an-asgaidh do mhac-an-duine gu lèir.’ Tha e ag innse don leughadair mu chreag mhòr a thuit bho bhearradh air eilean ann an Loch Bràcadal san Eilean Sgitheanach, air a bheil Òrd-bàirnich Fhinn, a’ cuimhneachadh Fhinn Mhic Cumhail, ceannard nam Fianna.
Tha Alasdair Foirbeis ag innse dhuinn mu charragh, aona troigh dheug a dh’àirde, far costa Na Hearadh a tha na seasamh sa mhuir. Tha An t-Òrd-bàirneach oirre mar ainm. ʼS ann le bana-bhuidseach a bha i. Bha an tè seo a’ dèanamh air a’ chladach airson biadh no baoit agus thilg i a’ charragh air cuideigin a bh’ air an fhearg a chur oirre. Tha abairt eile ag ainmeachadh an ùird-bhàirnich – Chan fhaighte òrd air bàirnich an seo, a’ ciallachadh, ‘chan eil dad ann an seo dhomh.’
Tha abairt againn Is lom an leac air nach buaineadh tu bàirneach. Tha Dwelly ag innse dhuinn gu bheil seo a’ dèanamh tuairisgeul air duine mosach. Tha naidheachd ann mu dhuine à Heisgeir (no Na h-Eileanan Monach) far taobh an iar Uibhist a Tuath, far an robhar ag ithe bàirnich gu leòr. Thathar ag ràdh gun tuirt e na leanas ann an dha-rìridh: Is math an tàcar ìm is càise is buntàta; cha mhòr nach fheàrr e na ’m bàirneach fhèin!
Eilean nam Bàirneach (air a bheil An t-Eilean Dubh cuideachd gu h-ionadail) ann an Loch Ailleart air taobh an iar Loch Abar, le Camas an Fhiasgain faisg air làimh air tìr-mòr. Tha an dà ainm-àite a’ cur nar cuimhne mar a bhiodh an sluagh a’ cruinneachadh maorach anns an nàbachd seo. Dealbh le cead Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.Gheibhear lorg air a’ bhàirnich ann an grunn ainmean-àite, a’ sealltainn mar a bha daoine gan rùrachadh – co-dhiù bha sin airson biadh an truinnseir no biadh an iasgair. ʼS iad eisimpleirean Rubha nam Bàirneach air an Rubha ann an Leòdhas, Eilean nam Bàirneach ann an Loch Ailleart air taobh an iar Loch Abar agus Creagan na Bàirnich air cladach Loch Fìne, Earra-Ghàidheal.
Mar a tha le maoraich eile, chan eilear a’ moladh a leithid ithe thairis air mìosan an t-samhraidh. Chaidh a chlàradh air a’ Ghàidhealtachd, nam biodh a’ bhàirneach air a h-ithe anns an Ògmhios gun leanadh an tinneas-buidhe. Ge-tà, sgrìobh an t-Urramach Iain Gregorson Caimbeul, Ministear Eaglais na h-Alba ann an Tiriodh, a chruinnich tòrr beul-aithris, gun robh a’ bhàirneach na b’ fheàrr na ʼn fhaochag an dèidh Latha Fèill Pàdraig. Chanadh na daoine cumanta le mì-mhodh Mùinidh a’ bhairneach air an fhaochaig. Bhathar ag ràdh gun do chuir sin ann an cuimhne dhaoine gum b’ fheàrr leotha faochagan a sheachnadh anns an daithead aca an dèidh meadhan a’ Mhàirt.
Creagan na Bàirnich gu siar air an Fhùirneis air cladach Loch Fìne, Earra-Ghàidheal. Dealbh le cead Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.Tha Màrtainn MacIlleMhàrtainn a’ toirt dhuinn fiosrachadh mu chleachdadh na bàirnich anns an leabhar ainmeil aige A Description of the Western Islands of Scotland (1703). Ann an cunntas mun Eilean Sgitheanach (dham buineadh e fhèin), tha e a’ sgrìobhadh gun robhar a’ goil na bàirnich ann am beagan uisge airson brot a dhèanamh. Bha am brot seo math mar dhòigh airson barrachd bainne a thoirt do bhoireannaich a bha ag àrach cloinne. Tha e cuideachd ag innse dhuinn gu bheil am pìos bog dhen ainmhidh làimh ris an t-slige math don bhodhaig agus furasta ri cnàmh. ʼS ann an Hiort a lorg e na bàirnich a bu mhotha anns na tursan aige tro na h-eileanan.
Nas fhaisge air tìr-mòr, tha e a’ toirt dhuinn cunntas aithriste air ‘boireannach bochd a bhuineadh do dh’Eilean Dhiùra’. Bha an rìoghachd cho bochd nuair a bha a’ chiad Rìgh Teàrlach air a’ chathair (1624-1649) ʼs gun robh gort ann. Chaill an tè seo a bainne gu lèir agus cha robh dad aice airson a naoidhean a bheathachadh. Ghoil i geir bhog na bàirnich agus thug i sin don leanabh. Bha i a’ còrdadh ris uiread ʼs nach robh biadh sam bith eile aige fad grunn mhìosan. Tha an t-ùghdar ag innse dhuinn nach robh leanabh eile ann an Diùra no na h-eileanan eile timcheall air na b’ fhallaine na esan.
Sgrìobh an t-eòlaiche-nàdair, An t-Urr Iain Lightfoot, anns an ochdamh linn deug mu dhòigh airson balgan a thoirt a dh’at le bhith a’ cleachdadh lus ris an canar an Lesser Spearwort (Ranunculus flammula), buidheag gheur air an tug an t-ùghdar dà ainm Ghàidhlig – An Lus-mòr agus a’ Ghlais-leun. Bha na duilleagan air am bruthadh ann am mortar agus air an suathadh air a’ chraiceann far an robhar ag iarraidh na balgan a thogail – ach airson sin bha iad air an cur ann an sligean bàirnich. An robhar a’ cleachdadh nan sligean a chionn ʼs gun robh e furasta no an robh adhbhar eile ann?
Ged as ann air a’ Bhàirnich Chumanta (Patella vulgata) a tha na cunntasan ann an litreachas na Gàidhlig a-mach, chan e sin an aon ghnè de bhàirneach a tha beò air ar cladaichean. Ann am pròiseact ainmeachaidh airson Dualchas Nàdair na h-Alba (a thàinig ro NàdarAlba), bha mi an sàs ann a bhith a’ moladh ainmean Gàidhlig coitcheann airson grunn sheòrsaichean eile. ʼS e a’ Bhàirneach Eagach a tha sinn a’ gabhail air an Slit Limpet (Emarginula fissura); ʼs e a’ Bàirneach Thollta a th’ air a’ Keyhole Limpet (Diodora graeca); gabhaidh sinn a’ Bhàirneach Dhromanach air an China Limpet (Patella ulyssiponensis); ʼs e an Tortoiseshell Limpet (Testudinalia testudinalis) à’ Bhàirneach Riabhach ann an Gàidhlig; agus gabhaidh sinn a’ Bhàirneach Bhàn air an White Tortoiseshell Limpet (Tectura virginea).
Coparrain-Mhoire air bàrr-staimh. ©NàdarAlbaTha maorach eile a bheil ‘limpet’ ann am Beurla, ged nach eil e uabhasach coltach ris an tè ‘àbhaisteach’ a dh’aindeoin ʼs gu bheil e anns an aon genus. ʼS e sin an tè bheag bhòidheach ris an canar ann am Beurla The Blue-rayed Limpet (Patella pellucida) a tha mar as trice ri lorg air stamh (no slat-mhara mar a ghabhas muinntir taobh an iar Rois air); chan eil e furasta a lorg air a’ chladach. Tha ainm sònraichte air ann an Gàidhlig, a th’ air a chlàradh anns an litreachas, ged a fhuair mi fhìn e gu pearsanta bho sheann bhoireannach a bhuineadh do dh’Èirisgeigh. ʼS e sin Coparran (no Copan) Moire.
Bu mhath leam an cunntas seo a thoirt gu ceann le beachd pearsanta air ainm-àite ainmeil. Tha Sgùrr na Bàirnich, aig àirde 860m, am measg beanntan a’ Chuilthinn anns an Eilean Sgitheanach. Tha dùil gu bheil e ainmichte air a chumadh; tha grunn bheanntan anns a’ Chuiltheann a tha rudeigin coltach ri slige bhàirnich. Tha sin gam thoirt gu ainm-àite tòrr nas sine anns an aon sgìre – Sligeachan. Tha beachd ann gu bheil an t-ainm a’ dèanamh tuairisgeul air na th’ ann de shligean air a’ chladach. Ach mhothaich mi grunn tursan – bho thìr agus bho mhuir – gu bheil na beanntan timcheall Shligeachain uabhasach coltach ri cruinneachadh de shligean bàirnich air cladach creagach. An ann air cumadh nam beann a tha an t-ainm Sligeachan (tha am facal co-ionann ri ‘sligean’) a-mach?
Tha na beanntan aig beul Loch Shligeachain (bhon mhuir air taobh thall Eilean Sgalpa) uabhasach coltach ri buidheann de shligean (no sligeachan) bàirnich. Saoil an e sin as coireach ris an ainm-àite ‘Sligeachan’? © R MacIlleathainBha am bloga seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair is eòlaiche-nàdair, stèidhichte ann an Inbhir Nis.
Faic a’ chomhairle chudromach againn air na prìomh phrionnsabalan a bu chòir dhut leantainn is tu a’ rùrachd biadh fiadhain.
| # | Наименование новости | Тональность | Информативность | Дата публикации |
|---|---|---|---|---|
| 1 | A bheil sibh eòlach air na ‘Rothaich’? | 0 | 7.16 | 23-02-2026 |
| 2 | Na h-Eileanan ‘Innseach’ seachad air Loch Laomainn | 0 | 12.8 | 31-03-2026 |
| 3 | Tìdeachan, tursan agus na Tiristich | 0 | 15.73 | 31-07-2026 |
| 4 | The Gripping Bàirneach of the Rocky Shore | 0 | 6.23 | 25-06-2024 |
| 5 | Nafarroa Oinez Tantirumairuko ikasleak | 0 | 0 | 11-10-2017 |
| 6 | Errigora eta Erriberako nekazari adinduna | 0 | 0 | 30-10-2017 |
| 7 | Errigoraren kanpaina berria abian. Ibai Sueskun | 0 | 0 | 30-10-2017 |
| 8 | Man (40s) arrested in connection with death of inmate (30s) in Dublin's Wheatfield Prison | 0 | 7.26 | 15-08-2026 |
| 9 | Suspected Irish crime boss lands in Dublin after extradition from Dubai to face allegations | 0 | 7.22 | 10-08-2026 |
| 10 | L-G, CM condole death of former L-G Lakhera | 0 | 2 | 30-06-2026 |